Sgeama Treanaidh Naidheachdan (Gàidhlig)

Job Reference: BBC/TP/900678/34953
Number of Positions: 1
Contract Type: Schemes
Salary: £21,216
Closing Date: 28/02/2019
Job Category: Training, Trainees & Apprentices
BBC Region / Division: Deputy Director General Group
BBC Business Unit: DDG - HR
Location: Inverness

Package Description

Tuarasdal – A’ tòiseachadh aig £21,216

Cothroman obrach air leth – tha am BBC a’ tabhann cothroman air leth don luchd-obrach dùbhlain ùr fheuchainn agus eòlas fhaighinn ann an roinnean eadar-dhealaichte den BhBC.

Cothroman trèanaidh is leasachaidh sònraichte – tha an Acadamaidh againn a’ tabhann farsaingeachd de chùrsaichean taobh a-staigh agus taobh a-muigh a’ BhBC fhèin.

Buannachdan  - Tha sinn a’ tabhainn tuarasdal a tha farpaiseach, seachdain obrach 35u a tha sùbailte agus 26 làtha saor le cothrom 5 làtha a bharrachd a cheannach. Tha sinn cuideachd a’ tabhann sgeama peinseann agus airgead far cùram fiaclair, slàinte agus tòrr a bharrachd.

Job Introduction

Tha sinne airson cluinntinn bho dhaoine bhon a h-uile seòrsa àite agus bhon h-uile seòrsa coimhearsnachd aig a bheil miann làidir trèanadh a dhèanamh airson a bhith nan neach naidheachd aig a’ BhBC. Ma tha thu airson an trèanadh às fheàrr fhaighinn aig a’ bhuidheann craolaidh as motha air an t-saoghal, tha thu freagarrach airson an sgeama sa.

Mura h-eil thu air ceumnachadh neo ma tha thu dìreach air an sgoil fhàgail agus gu bheil ùidh agad ann an obair naidheachd, dh’fhaodadh gum biodh sgeama Preantasachd Naidheachdan Digiteach nas freagarraiche. Gheibhear barrachd fios an seo.

Main Responsibilities

Tron sgeama sa, a mhaireas 10 mìosan, bidh thu a’ trèanadh agus ag obair còmhla ri sgiobannan naidheachd air diofar sheirbheisean – air loidhne is digiteach, rèidio agus telebhisean. Gheibh thu eòlas air a bhith a’ rannsachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ craoladh ann an naidheachdan.

Ceann-làtha

An t-Sultain 2019

Dè tha sinn a’ tabhainn?

  • Cùmhnant 10 mìosan a’ pàigheadh £21,216 sa bhliadhna.
  • Cosgaisean siubhail agus còmhnaidh airson àmannan trèanaidh.
  • Trèanadh air leth bhon BhBC tron sgeama air fad le eòlaichean is àrd luchd naidheachd a’ BhBC.
  • Meantor airson taic is comhairle a thoirt dhut tron trèanadh
  • Cothrom obrachadh air seirbheisean eadar-dhealaichte air feadh a’ BhBC – rèidio, telebhisean, digiteach agus air loidhne.

Càite am faodadh seo do thoirt?

Leis an trèanadh, bi sgilean agad dreuchdan eadar-dhealaichte ann an obair naidheachd a dhèanamh.

Are you the right candidate?

Se neach aithris sgeulachdan cruthachail a th’ annad aig a bheil ùidh anns an t-saoghal timcheall ort.

Tha thu air do bheò ghlacadh le naidheachdan agus cùisean làitheil.

‘S fìor thoil leat a bhith a’ coinneachadh ri daoine agus a bhith a’ cluinntinn an cuid sgeulachdan.

Tha thu mar thà a’ sealtainn gu bheil sgilean naidheachd agad.

Dh’ fhaodadh gu bheil thu sgrìobhadh do phàipear-naidheachd no làrach lìn ionadail, ag obair aig stèisean rèideo no a’ blogadh no a’ cruthachadh stuth mìorbhuileach airson na meadhanan sòisealta.

Tha e comasach dhut ar cuideachadh ann a bhith a’ ruighinn an luchd-amharc againn air fad – nam measg – daoine nach bidh a’ coimhead air naidheachdan anns a chumantas.

Bi thu 18 no nas sine na sin mun àm a thòisicheas an sgeama as t-fhoghar.

About the BBC

Tha an dòigh obrach againn agus an dòigh as a bheil sinn g’ar giùlain fhèin cudromach dhuinn. Dèan cinnteach gu bheil thu air leughadh mu na modhanan obrach againns anns na pàipearan gu h-ìosal.

Tha iomadachd cudromach aig a’ BhBC. Tha àite obrach againn far a bheil sinn a’ cuir luach agus a’ toirt urram don h-uile duine. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil luchd-obrach a’ coilionadh nas urrainn dhaibh.

Tha sinn airson a h-uile duine aig a bheil tàlant a thàladh airson a bhith nam pàirt den BhBC – eadar prògraman agus iomadach dreuchd eile. Mar as eadar-dhealaichte a tha an luchd-obrach againn sann às fheàrr a bhios na seirbheisean don luchd amharc againn.

Tha co-ionnannach cudromach agus tha sinn a’ cuir fàilte air tagraidhean bho dhuine sam bith ge bith an aois, gnè, càit’ às a bheil iad, a bheil ciorram sam bith orra, dè seòrsa àite às a bheil iad, dè an creideamh a th’ aca neo rud sam bith eile. Bithear a’ beachdachadh air iarrtasan airson a bhith ag obair gu sùbailte airson a h-uile dreuchd, mura h-eil sin do-dhèante a thaobh na h-obrach fhèin.

 

Attached documents: